An Lanntair Winter Brochure 2016

Page 1

ART EALAN MUSIC CEÃ’L FILMS FILMICHEAN THEATRE AN LANNTAIR TAIGH-CLUICHE AN LANNTAIR WINTER 2016 GEAMHRADH 2016 WINTER 2015


WELCOME

FÀILTE

Winter is here and it’s time to hunker down in front of the fire and eat mince pies. But we can’t do that all season and happily An Lanntair’s winter programme is packed with fabulous reasons to don those woolly jumpers and brave leaving the house.

Tha an geamhradh ann agus ’s e seo an t-àm airson suidhe aig an teine a ghabhail rud a chumas blàth sinn. Chan urrainn dhuinn siud a dhèanamh fad a’ gheamhraidh ge-tà, agus gu fortanach tha An Lanntair le prògram làn a bheir oirbh an t-seacaid mhòr a chur oirbh agus gabhail a-steach am baile.

Picks of the winter: Deiseal: Sunwise, by the artist Jon Macleod. This intriguing work was produced using Guinness cans as pinhole cameras. Yes, Guinness cans as pinhole cameras! Sounds unbelievable doesn’t it? These images will blow your mind. A reminder of the solar calendar we all live by and the extraordinary diversity across the landscapes of these islands, this is an exhibition not to be missed. Showing at An Lanntair 19 Nov to 17 Jan. House dance and hiphop workshops for children and adults of all ages. I can’t wait for this series of new workshops, a chance for us all to pick up some surprising tips and techniques and learn from the amazing professional dancer and choreographer, Tony Mills. Various dates from 3 Dec to 13 Dec. Niteworks, This gig with the amazing Niteworks, who fuse Gaelic and trad sounds with electronic music, will see An Lanntair bouncing into the early hours as we lead in to the festive season. Time to try out those new dance moves! 9pm on Sat 17 Dec. And of course, let’s not forget that it’s Christmas! With Beauty and the Beast and Snow White Pantos, a whole host of events in the Café Bar, a packed cinema offer and Christmas shopping too, An Lanntair’s programme is busier than ever this year. Elly Fletcher, Chief Executive

Roghainn a’ Gheamhraidh: Deiseal: Sunwise, leis an neach-ealain, Jon MacLeòid. Chaidh an obair iongantach seo a chruthachadh le canastairean Guinness air an cur gu feum mar chamarathan pinhole. Seadh, canastairean leanna nan chamarathan! Tha e duilich a chreids’ gun tàinig na dealbhan sònraichte às innealan cho sìmplidh. Tha e a’ cur nar cuimhne slighe na grèine a tha a’ stiùireadh ar beatha agus na diofar seòrsa àrainneachdan mìorbhaileach a gheibhear sna h-Eileanan sònraichte againn. Anns An Lanntair bho 19 Samh gu 17 Faoill. Le bùithtean-obrach dannsa house agus hiphop dha clann is inbhich, abair gu bheil mi a’ coimhead air adhart chun nan clasaichean seo; le cothrom againn uile sgilean is comasan ùra dannsaidh ionnsachadh bhon dannsair phroifeiseanta mhìorbhaileach Tony Mills. Diofar làithean bho 3 gu 13 Dùbh. Niteworks, 9f air Dis 17 Dùbh. Consairt bhon chòmhlan iongantach Niteworks, a tha a’ cur ceòl Gàidhealach maille ri ceòl eileactronaigeach, a’ fàgail An Lanntair a’ bocadaich gu anmoch – feuch gum bi sib’ fhèin a’ bocadaich air an ùrlar-dannsaidh cuideachd! Agus, cuimhnichibh gu bheil an Nollaig gu bhith ann! Le Beauty and the Beast agus Snow White againn mar phantos, Oidhche na Bliadhna Ùire, sreath thachartasan sa Chafaidh Bhàr, prògram de filmichean agus gu leòr ri cheannach sa bhùth, tha An Lanntair gu bhith a cheart cho tarraingeach am bliadhna sa bha e a-riamh. Elly Fletcher, Ceannard


EXHIBITIONS

TAISBEANAIDHEAN

Suspension and Disbelief:The Story of the Slighe Sìoman 19 Nov 2016 – 17 Jan 2017 “If ever a vehicle was driven in defiance of God’s will, it was across the Barvas moor”. These were the words of Hugh Morrison: Leodhasach, engineer, visionary, in the aftermath of the Second World War. “What Lewis needs is a modern, sustainable, brave new transport solution”. His proposal was to build the world’s longest cable car system, one that would stretch almost the entire length of Lewis, from Barvas to Stornoway and south through Lochs to Tarbert. An Lanntair welcomes you aboard the Hebridean Cable Transit Company in a new exhibition by Philippa Thomas and Hector MacInnes, retracing the journey from its 1948 launch through its glorious heyday and onwards to its subsequent demise. At the centre of “Suspension and Disbelief” will be a completed restoration of the last surviving HCTC cable car gondola. To follow the progress of the restoration and the exhibition, visit thehctc.com. An Lanntair commission as part of the Bealach Creative Place Award.

Càball ’s Creideamh: Sgeulachd na Slighe Sìomain 19 Samh 2016 – 17 Faoill 2017 “Ma chuireadh carbad a-riamh an-aghaidh toil Dhè, ’s ann thar mòinteach Bharabhais a chaidh a chur”. B’ iad seo briathran Uisdein Mhoireasdain: einnseanair làn-lèirsinn à Leòdhas às dèidh an Dàrna Chogaidh. “’S e dh’fheumas Leòdhas ach siostam-siubhail ùr-nodha, seasmhach, dàna.” Bha beachd aige siostam mòr a thogail de charbadan càbaill a dheigheadh air feadh Eilean Leòdhais, bho Bharabhas gu Steòrnabhagh agus gu deas tro Na Lochan gu ruige An Tairbeirt. Tha An Lanntair a’ cur fàilte oirbh is sibh a’ tighinn air bòrd Companaidh Càbaill nan Eilean ann an taisbeanadh ùr le Philippa Thomas agus Eachann MacAonghais; a’ leantainn a’ phròiseict bho thoiseachdthòiseachaidh an 1948, gu fèill mhòr ga dhèanamh air, agus mu dheireadh mar a chrìon e. Aig teis-meadhan an taisbeanaidh, bidh an carbad gondola càbaill HCTC fa dheireadh air a thogail às ùr. Ma tha sibh airson ùrachadh agus ath-thogail a’ charbaid a leantainn air-loidhne, theirigibh gu thehctc. com. Coimisean An Lanntair mar phàirt de Dhuais Bealach aig Alba Chruthachail.

See website for details lanntair.com

3


EXHIBITIONS

TAISBEANAIDHEAN Deiseal: Leis a’ Ghrèin - Jon MacLeòid 19 Samh 2016 – 17 Faoill 2017

Deiseal: Sunwise - Jon Macleod 19 Nov 2016 – 17 Jan 2017 Deiseal also means clockwise and this exhibition of solar-graphs, taken from 50 pinhole ‘cameras’ that had been placed in various locations throughout the Islands, is a visual record of the solar calendar from the winter to the summer solstice - 21st December 2015 to 21st June 2016. The cameras were ultra lo-tech, comprising a can containing a piece of photographic film, and each recorded the daily arc of the sun’s path as it rose through the sky from the shortest to the longest day of the year. An Lanntair commission as part of the Bealach Creative Place Award.

4

Tha Deiseal, seach deiseil, a’ ciallachadh rud a tha a’ dol taobh na grèine agus tha an taisbeanadh seo le grafaichean-grèine a rinneadh le 50 camarathan pinhole air an cur an diofar àitean sna h-Eileanan, a’ leantainn slighe na grèine bhon gheamhradh suas gu meadhan an t-samhraidh – 21 Dùbhlachd 2015 gu 21 Ògmhios 2016. Cha robh na camarathan ach nan innealan gu math sìmplidh; canastairean le fiolm-foto nam broinn, le gach fear aca a’ clàradh slighe na grèine gach là bhon là as giorra chun an là as fhaide sa bhliadhna. Coimisean An Lanntair mar phàirt de Dhuais Bealach aig Alba Chruthachail.

Dàimh is Cinneadh: Affinity and Kindred - Richard Denyer 4 Feb - 11 March

Dàimh is Cinneadh: Affinity and Kindred - Richard Denyer 4 Gearr - 11 Màrt

A photographic essay by the acclaimed photographer, Richard Denyer, who died in 2016. It dwells on the differences and similarities, connections and contrasts in land / water relationships in Norfolk and the Outer Hebrides, specifically sites of vocation and devotion: boatyards and churches, the implements of service and communion, and the tools in workshops.

Taisbeanadh dhealbhan-camara leis an neach-camara chliùiteach Richard Denyer, a bhàsaich an 2016. Tha e a’ coimhead ris na coltasan agus eu-choltasan, dàimhean agus eadar-dhealachaidhean eadar muir/tìr sgìre Norfolk an Sasainn agus na h-Eileanan Siar; a’ coimhead gu h-àraidh ri làraichean obrach is creideimh; àitean far am biodh daoine ri adhradh agus ri togail bhàtaichean, innealan seirbheis agus comanachaidh, agus acainn bhùithtean-obrach. See website for details lanntair.com


EDUCATION

FOGHLAM

House Dance Foundations with Tony Mills Sat 3 Dec, 9.30am – 10.30am, £6 / £5 Hebrides Dance and Wellbeing Studio

House Dance Foundations le Tony Mills Dis 3 Dùbh, 9.30m – 10.30m, £6 / £5 Stiùdio Dannsa is Fallaineachd nan Eilean

This class breaks down basic steps to build a solid foundation that will allow students to move, groove, and freestyle to the music. Students will learn to dance in both freeflowing and syncopated movements to Funky House and Afro-Latin-infused rhythms and learn floor work such as lofting.

Tha an clas a’ teagasg steapaichean dannsa house chum daoine tòiseachadh air an nòs dannsaidh seo. Thèid stoidhlichean dannsaidh free-flowing agus syncopated a dhèanamh ri ceòl Funky House agus Afro-Latino rhythms le dannsairean ag ionnsachaidh dannsa-làir leithid lofting.

Hip Hop Workshop, lunch and film exclusively for over 50s Tue 13 Dec, 11am – 2.30pm, £12 An Lanntair

Bùth-obrach Hip Hop, le biadh agus film - dha daoine nas sine na 50 bliadhna Dim 13 Dùbh, 11m – 2.30f, £12 An Lanntair

In this fun class with contemporary dance artist Tony Mills, you will learn to move in a creative and fluid way, while also working to strengthen your posture and balance at your own pace. After a festive soup and sandwich lunch you’ll be able to sit back and watch a film.

Anns a’ chlas spòrsail seo, bidh daoine ag obair leis an dannsair Tony Mills agus ag ionnsachadh dannsa le ruitheam agus stoidhle; agus iad aig an aon àm ag obair air posture agus air balans. Às dèidh diathad, bidh cothrom aig daoine suidhe sìos agus am film.’

Imaginary Spaces Workshop Mon 5 Dec, 10am – 4pm, £24/£21 An Lanntair

Bùth-obrach Imaginary Spaces Dil 5 Dùbh, 10m – 4f, £24/£21 An Lanntair

Their current exhibition at An Lanntair, “Suspension and Disbelief” follows on from previous work in world-building, fictional objects and spaces, and imagined histories. Join Philippa Thomas and Hector MacInnes for a day exploring these processes, using concept model-making and sound collage.

Tha an taisbeanadh aig an An Lanntair, ‘Càball is Creideamh’ a’ tighinn às dèidh obair a rinneadh roimhe air cruthachadh shaoghalan, àitean is rudan corporra agus eachdraidhean ùra às mac-meanmna dhaoine. Thigibh le Philippa Thomas agus Eachann MacAonghas airson latha a’ coimhead ris na dòigheanobrach aca; a’ dol an sàs ann an concept model-making agus sound collage.

Suspension and Disbelief Artists’ Talk With Philippa Thomas and Hector MacInnes Wed 7 Dec, 8 - 9pm An Lanntair gallery and education room, £5

See website for details lanntair.com

Òraid bho Luchd-Ealain ‘Càball is Creideamh’ le Philippa Thomas agus Eachann MacAonghais Dic 7 Dùbh, 8 – 9f, Lanntair, £5 5


EDUCATION

FOGHLAM

Harris Tweed Wrist Cuff Workshop Sat 10 Dec, 1 – 5pm, £16 / £14 An Lanntair Community Room

Bùth-obrach - Muinchillean le Clò Mòr Dis 10 Dùbh, 1 – 5f, £16 / £14 Rùm Coimhearsnachd An Lanntair

Make a stylish and unique Christmas present in this workshop with Netty Sopata (Diggory Brown). You’ll learn how to make a pair of Harris Tweed wrist cuffs and embellish them with your own choice of studs, buckles and beads.

Dèanaibh preasantan sònraichte, breagha airson na Nollaige sa bhùth-obrach seo le Netty Sopata (Diggory Brown). Gheibh sibh ionnsachadh air dèanamh mhuinchillean le Clò Mòr na Hearadh agus a’ cur riutha le studaichean, bucaill agus grìogagan. Feumaidh sgilean sìmplidh fuaigheil a bhith agaibh.

Acting Workshop with David Hayman Sat 25 Feb, 2.30pm, £8/£7 An Lanntair Auditorium BAFTA award-winning actor and director, David Hayman will explain how he has prepared for roles in theatre, television and film. The workshop will be relaxed, informal and with an emphasis on discussion. Some acting experience is useful.

Bùth-obrach air Actadh le Dàibhidh Hayman Dis 25 Gearr, 2.30f, £8/£7 Talla Mòr An Lanntair Dàibhidh Hayman, cleasaiche agus stiùiriche a tha air BAFTA a chosnadh, a’ mìneachadh mar a rinn e deasachadh airson phàirtean an dealbhan-cluiche, air telebhisean agus am filmichean. Bidh a’ bhùth-obrach seo na rud mì-fhoirmeil, socrach le prìomhachas ga chur air deasbad. Bhiodh beagan eòlais air actadh na chuideachadh. Clasaichean Oidhche dha Inbhich Life Drawing le Jon MacLeòid Gach Diluain bho 16 Faoill – 20 Gearr, 7-9f Gailearaidh An Lanntair, £48/£42

Adult Evening Classes Life Drawing with Jon Macleod Mondays from 16th Jan – 20th Feb, 7-9pm An Lanntair Gallery, £48/£42 Guitar for Beginners With Iain Mackinnon Wednesdays from 18 Jan – 22 Feb, 7 - 8pm An Lanntair Education Room, £24 / £21 Kilt making with Netty Sopata Fridays from 20 Jan – 10 March, 7-9pm An Lanntair Education Room, £64 / £56 6

Giotàr dha Luchd-tòiseachaidh le Iain MacFhionghain Gach Diciadain bho 18 Faoill – 22 Gearr, 7 – 8f Rùm Ionnsachaidh An Lanntair, £24 / £21 A’ dèanamh fhèilidhean le Netty Sopata Gach Dihaoine bho 20 Faoill – 10 Màrt, 7-9pm Rùm Ionnsachaidh An Lanntair, £64 / £56


EDUCATION

FOGHLAM

Saturday Workshops for Children and Young People

Bùithtean-obrach Disathairne dha Clann is Daoine Òga

Saturday Art Club Saturdays, various times. Children in Primary School can enjoy exciting visual art projects including painting, modelling, designing, printing, drawing, and inventing at Saturday Art Club. Saturdays during term time.

Club Ealain Disathairne Disathairne, diofar amannan Cothrom dha clann sa Bhun-Sgoil a dhol an sàs ann am pròiseactan inntinneach ealain leithid peantadh, modaileadh, dealbhadh, priontadh agus cruthachadh aig a’ Chlub Ealain Disathairne rè teirm na sgoile.

Saturday Drama Club Saturdays, various times. These fun classes will help children and young people to develop skills in improvisation and performance. Saturdays during term time.

Club Dràma Disathairne Disathairne, diofar amannan Bidh na clasaichean spòrsail seo na chuideachadh dha clann is daoine òga nan sgilean cleasachd agus innleachdais. Gach Disathairne rè teirm na sgoile.

P4 - P7 Creative Hip Hop Dance Dec 3 & Dec 10, 10.45am - 11.45am

P4 - P7 Dannsa Cruthachail Hip Hop Dùbh 3 & Dùbh 10, 10.45m - 11.45m

Covering a variety of styles such as Breakdance/B-Boying, Locking, Popping, House and Streetdance. Fundamental, is the discovery and maintenance of the groove… because without the groove, you cannot move.

A’ coimhead ri diofar nòsan dannsaidh leithid Breakdance/B-Boying, Locking, Popping, House agus Streetdance. ’S e am prìomh rud ach gum faigh sibh a-steach dhan ghroove, oir chan dèan sibh càil idir às aonais a’ ghroove!

S1& S2 Hip Hop & Contemporary Dance Dec 3 & Dec 10, 12pm - 1.15pm

S1 + Hip Hop & Dannsa Ùr-Nodha 3 Dùbh & 10 Dùbh, 12f - 1.15f

A release-based form that introduces elements of hip hop/breakdance vocabulary to discover a unique movement language. The focus is put on movement with momentum and fluidity, while maintaining a sense of presence and precision. Art Labs in Stornoway, Lionel, Bragar, Uig and Tarbert are inspiring studio spaces which young people can use to make their own artwork. Fridays and Saturdays during term time. Film Club is a chance for young people aged 14+ to watch and talk about films. Wednesdays during term time.

Stoidhle dannsa a tha a’ toirt a-steach eileamaidean de hip-hop is breakdance an lùib stoidhle ùr dannsa. Tha prìomhachas ga chur air gluasad le neart agus siùbhlachd, le làthaireachd agus pongalachd. Tha na h-Art Labs an Steòrnabhagh, Lìonal, Bradhagair, Ùig agus Tairbeart nan àitean a tha a’ toirt brosnachadh dha daoine òga agus iad a’ cruthachadh ealain ùr. Dihaoine agus Disathairne rè teirm na sgoile. Tha an Club Film na chothrom dha daoine òga 14+ a thighinn a choimhead agus a bhruidhinn air filmichean. Gach Diciadain rè teirm na sgoile. 7


MUSIC & LIVE EVENTS

CEÒL & TACHARTASAN

SY Thespians Panto: Beauty and the Beast 8-10 Dec, various times and prices, see website for details.

Panto le Thespians Steòrnabhaigh: Beauty and the Beast 8-10 Dùbh, diofar amannan is phrìsean, barrachd fiosrachaidh air an làraich-lìn.

Stornoway Thespians present “A tale as old as time” and a fun-filled pantomime.

Thespians Steòrnabhaigh le sgeulachd cho aosta ris na bruthaichean agus dibhearsain gu leòr.

Belle is a young woman who is taken prisoner by the Beast in his castle. Despite her fears, she befriends the castle’s enchanted staff and learns to look beyond the Beast’s exterior to recognize the true heart and soul of the human Prince within, just as a hunter named Gaston is on the loose to take Belle for himself and hunt down the Beast at any cost. This traditional story has been given a pantomime makeover with a cast of colourful characters that will delight young and old alike.

Tha Belle na chaileig òig air a ghlacadh leis a’ Bhiast sa chaisteal. Ged a tha feagal oirre roimhe, tha i a’ togail càirdeas le luchd-obrach a’ chaisteil agus a’ coimhead sìos seachad air coltas grannda na bèiste is a’ faicinn spiorad càilear a’ phrionnsa na bhroinn, le sealgair air a bheil Gaston a’ lorg Belle dha fhèin. Tha gleans a’ phanto ga chur air an t-seann sgeulachd seo; le caractaran àraid, iongantach a bheir tlachd dha sean is

Niteworks Sat 17 Dec, 9pm, £12 Niteworks are Ruairidh Graham, Allan MacDonald, Christopher Nicolson and Innes Strachan. Formed on the Isle of Skye, they fuse Gaelic language and traditional music with electronic influences to create a fresh and exhilarating sound.

òg. Niteworks Dis 17 Dùbh, 9f, £12

8

’S iad buill Niteworks ach Ruairidh Greumach, Ailean Dòmhnallach, Christopher MacNeacail agus Aonghas Strachan. ’S ann san Eilean Sgitheanach a thàinig iad còmhla, is iad a’ cur Gàidhlig agus ceòl Gàidhealach maille ri ceòl ùr eileagtronaigeach is a’ cruthachadh ceòl àraidh ùr.


MUSIC & LIVE EVENTS

CEÒL & TACHARTASAN

Bliadhna Mhath Ur! Sat 31st Dec, 10pm, £12 A musical celebration of Hogmanay at An Lanntair This will be the third year of An Lanntair’s very special Hogmanay shows, the demand for tickets increasing each year, making it the must-have ticket of the festive season. On this occasion musical director Willie Campbell will be joined on stage by members of his own band – The Open Day Rotation – a brass and string section, and an eclectic cast of talented Island singers. These include Fiona Mackenzie, Iain Spanish Mackay, and Eleanor Nicolson, with others soon to be announced. The event is supported by Event Scotland as part of the Scottish Winter Festivals. Over 18s only or 14 plus when accompanied by an adult. Broken Ravens Fri 6 Jan, 8pm, £10/£6 This January The Broken Ravens will be joined by local bands Dedrock and the fantastic The Howling Lords for an evening of rock. Over 14s only.

Bliadhna Mhath Ùr! Dis 31 Dùbh, 10f, £12 Oidhche mhòr chiùil air Oidhche na Bliadhna Ùir san Lanntair. Is i seo an tritheamh bliadhna de thachartasan sònraichte na Bliadhna Ùire aig An Lanntair, le barrachd is barrachd iarrtais ann a h-uile bliadhna airson tiocaidean – ’s e seo an t-àite airson Oidhche na Bliadhna Ùire. A’ bhliadhna seo, bidh an Stiùiriche-Ciùil Uilleam Caimbeul air an àrd-ùrlar le a chòmhlan fhèin - The Open Day Rotation – le cluicheadairean umha is teuda; maille ri cruinneachadh de sheinneadairean Eileanach, leithid Fiona NicCoinnich, Iain Spanish MacAoidh, Eleanor NicNeacail agus eile. Tha an tachartas a’ faighinn taic tro Events Scotland agus bho Fhèisean Geamhraidh na h-Alba Daoine nas sine na 18 a-mhàin, no 14 ma tha iad còmhla ri inbheach. Broken Ravens Dih 6 Faoill, 8f, £10/£6 Bidh na Broken Ravens a’ nochdadh san Fhaoilleach leis na còmhlain-ciùil Leòdhasach Dedrock agus The Howling Lords airson oidhche de cheòl rock. 14+ a-mhàin. 9


MUSIC & LIVE EVENTS

CEÒL & TACHARTASAN

Snow White Wed 18 – Sat 21 Jan 2017 Various times and prices, see website for details.

Snow White Dic 18 – Dis 21 Faoill 2017 Diofar amannan is phrìsean, barrachd fiosrachaidh air an làraich-lìn.

Stornoway’s professional panto is back with a cast full of big name stars. For four days only!

Tha companaidh phroifeiseanta panto Steòrnabhaigh air ais le cast làn rionnagan. Airson dìreach ceithir làithean!

Mirror, Mirror on the wall, the greatest panto for one and all…Nothing is more dangerous than a Wicked Queen! Even our favourite Dame’s vanishing cream can’t make her jealousy disappear. Can the Handsome Prince, and a Henchman with a conscience ensure a happy ending? Never mind, we have our own ‘The Magnificent Seven’ to help save the day !!

Mirror Mirror on the wall, the greatest panto for one and all… Chan eil càil ann cho cunnartach ri Bànrigh Olc! Cha chur Vanishing Cream an Dame às dhe farmad. An urrainn dhan Phrìonnsa, agus an Sgallag aige dèanamh cinnteach gum bi deireadh càilear air an sgeulachd? Gun luaidh air a’ ’Magnificent Seven’ a thig a shàbhaladh gnothaichean aig an deireadh!

Burns and A’ that Fri 27 Jan 2017, 8pm, £12/£10

Burns an a’ that Dih 27 Faoil 2017, 8f, £12/£10

As part of the national celebrations for the birthday of our national bard, Rabbie Burns, An Lanntair has created a very special evening’s entertainment. Join us to hear a programme of music which puts a modern slant on the Burns tradition, enjoy a cocktail or two and sample our special alternative Burns buffet!

Mar phàirt de latha mòr a’ comharrachadh Robert Burns, tha An Lanntair air oidhche shònraichte a chur air dòigh dha. Thigibh ann ach an cluinn sibh prògram ciùil a tha a’ cur gleans ùr air bàrdachd a’ bhàird ainmeil Ghallda seo; is sibh a’ gabhail cocktail no dhà mar pàirt de ar clàr-bìdh àraidh airson na h-oidhche.

Lewis Singer/songwriter Colin MacLeod will be joined by traditional Gaelic singer Kathleen Macinnes in a programme highlighting the Burns influence on modern song-writing, links to the Gaelic tradition and, of course, our Island poetry. Also included in the evening will be a specially created short film poem by the Shetland artist Roseanne Watt, showcasing the Western and Northern Islands. The event has been made possible with funding from Event Scotland’s Winter Festivals Scheme.

Bidh an seinneadair Leòdhasach Cailean MacLeòid a’ seinn còmhla ris a’ bhanUibhisteach Caitlin NicAonghais air oidhche is sinn a’ cur eòlas air buaidh Bhurns air ceòl là an-diugh, air dualchas nan Gàidheal agus air bàrdachd Leòdhais. Cuideachd air an oidhche bi am film sònraichte goirid film poem a rinneadh leis a’ Bhan-Sealtainneach Roseanne Watt, stèidhte air na h-Eilean a Tuath agus an Iar.

10

Tha an tachartas a’ faighinn taic tro Events Scotland agus bho Fhèisean Geamhraidh na h-Alba


MUSIC & LIVE EVENTS

CEÒL & TACHARTASAN

Seann Walsh: One for the Road Mon 6 Feb, 8.00pm, £13.50

Seann Walsh: One for the Road Dil 6 Gearr, 7.30f, £13.50

“Questionably the best observational comic of his generation.” The Guardian The Lie-in King, star of BBC2’s Live At The Apollo, E4’s Virtually Famous and the Walsh On Film podcast, returns with this all-new show.

“Questionably the best observational comic of his generation.” The Guardian Tha an Lie-in King, fear a bhios a’ nochdadh air BBC Live At The Apollo, E4’s Virtually Famous agus air an Walsh On Film podcast, air tilleadh le turas ùr.

The Cause of Thunder Sat Feb 25, 8pm, £12/£10/£8

The Cause of Thunder Dis Gearr 25, 8f, £12/£10/£8

A play performed by David Hayman, written by Chris Dolan, directed by David Hayman Jr.

A’ leantainn bho The Pitiless Storm, le David Hayman, air a sgrìobhadh le Chris Dolan, stiùireadh bho David Hayman Jr.

A funny thing happened on the way to the pub… Bob Cunningham thought he saw a man ascend into the sky.

Abair gun do thachair rud àraid dhomh is mi a’ dol chun a’ bhàr… shaoil le Bob Coineagan gum fac’ e duine ga thoirt suas chun nan speuran.

It’s two years after the referendum, and Bob Cunningham has stuff on his mind: whether or not to take early retirement; politics, of course, and what to do about the No vote, Brexit, Corbyn, the refugee crisis… that weird thing about rising into the heavens… and not forgetting the letter from Ethel, his ex.

Tha dà bhliadhna bhon a bha an reifreann ann agus tha Bob Coineagan le buaireas na inntinn; am bu chòir dha a dhreuchd a leigeil dheth, politigs, agus dè ghabhas a dhèanamh mun bhot airson ‘No’, Brexit, Corbyn, na fògarraich… am fear a thugadh suas chun nan speuran… agus an litir a fhuair e bho sheann chompanach, Ethel. 11


ARORA

ARORA

Arora – Dementia Friendly events at An Lanntair Carers’ High Tea with Alzheimer Scotland. The last Thursday of every month Book via Alzheimer Scotland - 01851702123 Come and enjoy a free meal in wonderful company at An Lanntair’s café bar and check out the exhibition and galleries. Come together or come for a break. Tuesday Cèilidhs at Western Isles Hospital, 2-3pm Supportive memory Café on Erisort Ward for people in hospital, frequent guests. Visitors welcome! in collaboration with NHS Western Isles and Alzheimer Scotland. Monthly Dementia Friendly Screening at the Pocket Cinema. Please contact oriana@lanntair.com to be added to the mailing list. Please check our blog for events: http:// dfclanntair.wordpress.com

Arora – tachartasan Dementia Friendly aig An Lanntair High Tea dha Luchd-Cùraim, le Alzheimer na h-Alba. Diardaoin fa dheireadh, a h-uile mìos Clàradh tro Alzheimer na h-Alba – 01851 702123 Thigibh a dh’fhaighinn biadh an-asgaidh ann am fìor deagh chuideachd aig Cafaidh Bàr An Lanntair, le cothrom agaibh a dhol timcheall an taisbeanaidh is nan gailearaidhean. Thigibh còmhla a ghabhail biadh is fois. Cèilidhean Dimàirt aig Ospadal nan Eilean, 2-3f Cafaidh cuimhneachaidh air Uàrd Èireasort dha euslaintich is luchd-tadhail - fàilte ga cur air duine sam bith! Ann an co-bhuinn ri NHS nan Eilean Siar agus Alzheimers na h-Alba. Film Dementia Friendly tron Cinema Pòca. Cuiribh fios gu oriana@lanntair.com ach an tèid ur n-ainm a chur ris an liostaphuist. Bheiribh sùil air a’ bhlog ’son fiosrachadh air tachartasan: http://dfclanntair.wordpress.com

12


NEW MENU

CLÀR-BÌDH ÙR

Our menu is now packed with delicious options for everyone. Customers will be treated to a menu with everything from An Lanntair’s own haggis, neeps and tatties, to existing firm favourites such as our classic chowder. A daily specials board with ‘Chef’s Choice’ dishes each day of the week will celebrate everything that seasonal local produce has to offer.You can view our new menu at www.lanntair.com/cafebar or pop in and try it for yourself. Call 01851708480 to book.

Tha an clàr-bìdh ùr le taghadh de bhiadh blasta a chòrdas ris na h-uile. Gheibhear a h-uile càil bho thaigeis, snèap agus buntàta, chun a’ bhrot dha bheil daoine a’ tighinn air ais uair is uair – chowder ainmeil An Lanntair. Le bòrd an-àirde ag innse de am biadh speisealta a bhios againn an latha sin, bidh cothrom ann feuchainn rud dhen bhiadh as fheàrr a th’ againn sna h-Eileanan. Tha an clàr-bìdh ri fhaicinn aig www.lanntair. com/cafebar air neo thigibh a-steach ga fhaicinn is ga fheuchainn. Fón 01851708480.

13


CHRISTMAS

AN NOLLAIG

Find all your Christmas gifts and treats in the An Lanntair shop. We are open from 10am to late, Monday to Saturday - perfect for a bit of post-work shopping and last minute gifts. We have a wonderful selection of Christmas gifts for everyone, including stocking fillers from only £1, stunning new jewellery from Ayala Bar and a range of products perfect for the man in your life.

Cha leig sibh leas a dhol nas fhaide na bùth An Lanntair airson nam preusantan gu lèir a dh’fheumas sibh aig àm na Nollaige. Tha sinn fosgailte bho 10m gu anmoch Diluain gu Disathairne – goireasach dha-rìribh airson tadhal a-steach às dèidh latha-obrach no aig a’ mhionaid fa dheireadh. Tha taghadh mòr de gach seòrsa preusant, bho thìodhlacan beaga bho £1, gu seudan ùra, àlainn bho Ayala Bar agus measgachadh rudan dha na fireannaich.

Why not treat someone to an An Lanntair gift voucher so they can choose their own gift? Our newly-designed gift vouchers come in £5, £10 and £20 and can be used in the Shop, Box Office or Café Bar.

Dè mu dheidhinn bileag-creideis fhaighinn dhaibh ach an dèan iad fhèin taghadh air rud bhon Lanntair? Tha bileagan creideis ùra rim faighinn aig luach £5, £10 is £20 agus gabhaidh an cleachdadh sa bhùth, aig a’ bhocs oifis no sa bhàr. Cuimhnichibh cuideachd gum bi gu leòr ri fhaighinn sa bhliadhna ùir le rud air a thoirt far nam prìsean air feadh na bùtha agus nam tasgaidhean àraid a tha innte.

And don’t forget that post-Christmas we host our annual January sale with bargains across our beautiful stock. Christmas is always a special time at An Lanntair. We are pulling out all the stops with events for everyone to enjoy throughout the festive season. Overleaf is just a selection of events we will be hosting. We will also have our annual Christmas film screenings and Christmas food specials throughout December, alongside mulled wine, hot cinnamon cider, Christmas cocktails and festive baking. 14

Tha an ràithe seo daonnan na àm sònraichte dhan Lanntair agus bidh Nollaig 2016 an t-aon rud. Tha sinn air oidhirp mhòr a dhèanamh gus tachartasan a chur air dòigh a chuireas a h-uile duine ann an sunnd airson na Nollaige. Gu h-ìosal, tha taghadh dhe na bhios a’ tachairt thar nan seachdainean ri thighinn. Bidh cuideachd filmichean Nollaige gan sealltainn agus biadh sònraichte na Nollaige ri fhaighinn tron Dùbhlachd maille ri fìon mìlsichte, seidir theth (le caineal innte), cocktails agus bèicearachd na Nollaige.


CHRISTMAS

AN NOLLAIG

The Twelve Days of Christmas at An Lanntair…………Launching 12th December.

Dà Latha Dheug chun na Nollaige san Lanntair ………… A’ Tòiseachadh air 12th Dùbhlachd.

Mon 12 – A Taste of Christmas at An Lanntair. This will be a ticketed five course meal. For full details please visit the website. Children’s Pocket Cinema screening - join the Pocket Cinema newsletter for all the details. Tue 13th - Christmas Quiz & Hot Chocolate Bar. Wed 14 - Christmas Bingo. Thur15 – Cosy Christmas comforts at An Lanntair. Fri 16 - National Christmas Jumper Day and our special Christmas ice cream bar. Cult Pocket Cinema screening - join the Pocket Cinema newsletter for all the details. Sat 17 – Edible Alpine Village Workshop. Nightworks, live in the auditorium at 9pm, £12. Mon 19 - All things White Russian Cocktails. Children’s Pocket Cinema screening. Tue 20 – Get Christmas crafting in the Café Bar, where you can write your letters to Santa and design and make your very own Christmas decorations. Wed 21- Santa Snack - A fine malt (or a delicious alcohol-free equivalent), a mince pie and some carrot sticks for your reindeer, all for only £4.50. Thur 22nd - Christmas Photo Booth. Wonders of Winter: Come on down to our igloo to hear stories of snow-people and lonely bears, fire-spirits and magic foxes. Pocket Cinema: Classic screening - join the Pocket Cinema newsletter for all the details. Fri 23- Bah, Humbug Day! Sat 24 - Christmas Eve... well it’s Christmas Eve: that is enough celebration in itself. We will have Christmas cinema, festive treats and fun for all. Sat 31 - Bliadhna Mhath Ur! Hogmanay Celebrations with a whole host of local musical talent.

Dil 12 – Blasad dhen Nollaig aig An Lanntair. Cinema Pòca: barrachd fiosrachaidh ann an litir-naidheachd an Cinema Pòca. Dim 13 - Quiz na Nollaige & Teoclaid Theth Dic 14 – Bingo na Nollaige. Diar 15 – Dèanaib’ fhèin cofhurtail, blàth san Lanntair. Dih 16 – Là Nàiseanta nan Geansaidhean Nollaige agus bàr de dh’uachdar-reòite. Dis 17 – Bùth-obrach an Edible Alpine Village. Nightworks, beò san talla mhòr aig 9f, £12. Dil 19 – Latha nan Ruiseanach Geala – cocktails. Cinema Pòca: barrachd fiosrachaidh ann an litir-naidheachd an Cinema Pòca. Dim 20 – Dèanaibh deiseil airson na Nollaige sa Chafaidh Bàr far am faigh sibh cothrom litrichean a sgrìobhadh gu Santa agus decorations Nollaige a chuthachadh. Dic 21 – Biadh Beag Santa – Glainne uisgebheatha (no deoch eile gun alcohol innte), pàidh mions agus curranan dha Rudolph airson £4.50. Diar 22 – Bùth-Fota na Nollaige. Mìorbhailean a’ Gheamhraidh: Thigibh sìos chun an taigh-sneachda a dh’èisteachd ri sgeulachdan air na fir-sneachda, spioradanteine, air mathain aonranach, agus air sionnaich sheunta. Cinema Pòca: – barrachd fiosrachaidh ann an litir-naidheachd an Cinema Pòca. Dih 23 – Latha Nan Gearan! Dis 24 – Latha ron Nollaig... chan eil ach latha ri dhol agus nach eil sin fhèin na adhbhar toileachais! Bidh filmichean Nollaige againn, tiodhlacan sònraichte agus dibhearsain gu leòr. Dis 31 - Bliadhna Mhath Ùr! Oidhche mhòr le cluicheadairean tàlantach nan Eilean.

15


Dec............Event.................................................................................. ......Time Sat 3................Dance Foundations with Tony Mills........................................................9.30am Creative Hip Hop Dance.........................................................................10.45am Hip Hop Contemporary Dance............................................................12.00 noon Mon 5.............Imaginary Spaces Workshop...................................................................10.00am Wed 7............Artist Talk: Philippa Thomas & Hector MacInnes................................8.00pm Thurs 8.......... Panto: Beauty & The Beast.......................................................................Various Fri 9............... Panto: Beauty & The Beast.......................................................................Various Sat 10............. Panto: Beauty & The Beast......................................................................Various Creative Hip Hop Dance........................................................................10.45am Hip Hop Contemporary Dance........................................................12.00 noon Harris Tweed Wrist Cuff Workshop........................................................1.00pm Mon 12...........12 Days of Christmas Launches..............................................................Various Tue 13.............Hip Hop Workshop and film for over 50s...........................................11.00am Sat 17..............Niteworks.....................................................................................................9.00pm Sat 31..............Bliadhna Mhath Ur!...................................................................................10.00pm Jan...............Event......................................................................................Time Fri 6 ................Broken Ravens............................................................................................8.00pm Wed 18...........Panto: Snow White....................................................................................Various Thurs 19.........Panto: Snow White....................................................................................Various Fri 20...............Panto: Snow White....................................................................................Various Sat 21..............Panto: Snow White....................................................................................Various Fri 27..............Burns and A’That.......................................................................................Various . Feb ..............Event.....................................................................................Time Mon 6...............Seann Walsh..............................................................................................8.00pm Fri 3..................Exhibition Opening Affinity and Kindred............................................5.00pm Sat 25...............Acting Workshop with David Hayman................................................2.30pm The Cause of Thunder.............................................................................8.00pm Art Club - each Saturday during term time - various times Drama Club - each Saturday during term time - various times Film Club - each Wednesday during term time - various times Art Labs - Lionel, Bragar, Uig, Tarbert and An Lanntair - various days and times New Music Sessions and late night music at An Lanntair - check the website for details Please call 01851 708480 or visit www.lanntair.com for more details. An Lanntair, Kenneth Street, Stornoway, Isle of Lewis, HS1 2DS Charity Number: SC003287


Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.