Spring 2016 at An Lanntair

Page 1

ART EALAN MUSIC CEÒL FILMS FILMICHEAN THEATRE AN LANNTAIR TAIGH-CLUICHE AN LANNTAIR WINTER 2015 SPRING 2016 EARRACH 2016


WELCOME

FÀILTE

Spring at An Lanntair – new friends, new sounds, new ideas.

Earrach aig An Lanntair – càirdean ùra, fuaimean ùra, beachdan ùra.

For theatre-goers this season we have a wonderful mix of events for your diary, kicking off with Iain Finlay Macleod’s new play ‘Hallaig’ and Theatre Gu Leor’s Shrapnel. New Room Theatre will also be here with ‘Blackout’, a ‘painfully funny’ play about alcoholism. Alongside this, there will be a whole host of opportunities to learn new skills in a series of interconnected theatre workshops.

Dha daoine a tha dèidheil air dealbhan-cluiche, tha measgachadh mìorbhaileach de thachartasan againn dhuibh a’ tòiseachadh leis an dealbh-chluiche ùr ‘Hallaig’ aig Iain Fionnlaigh MacLeòid, agus ‘Shrapnel’ bhon chompanaidh Theatre Gu Leòr. Bidh cuideachd New Room Theatre ann le ‘Blackout’, dealbh-cluich fìor èibhinn mu bhuaidh na dibhe. Maille ri seo, bidh cothroman ann air ionnsachadh sgilean ùra ann an sreath de bhùithtean-obrach air obair ann an theatar.

I am thrilled that multi award winning artist Julie Brook will be here with her stunning exhibition ‘Made Unmade’, an immersive film and audio installation created from her trips to the desert in Libya and North West Namibia, launching Saturday 19th March with a family cèilidh at An Lanntair – come along, everyone welcome! And, in an exciting new collaboration with the Museum and Archive at Lews Castle, artist collective Stephen-Morrison will launch the first contemporary art exhibition in the museum’s special exhibitions gallery with their show, ‘Grammar of Wavelength’. And there’s so much more – music from RANT, Martin Simpson, Northern Ireland’s Kieran Goss and the wonderful Altan. And an array of workshops and opportunities for children and adults – from the ‘International Space Programme’ for pre-schoolers, to the new Stornoway Art Lab for 12-15 year olds. There will even be a sound workshop in St. Moluag’s Chapel as part of Mhairi Killen and Hugh Watt’s exhibition, Re-Soundings, which will launch in An Lanntair’s Main Gallery on 12th May with commissioned works of sound, film and sculpture exploring the role of the bell. So much to see, experience and do for all the family, and don’t forget to pick up our cinema programme too! Elly Fletcher, CEO

Tha mi air mo dhòigh gu bheil an neachealain cliùiteach Julie Brook gu bhith aig An Lanntair le a taisbeanadh iongantach ‘Made Unmade’, pìos-ealain stèidhte air film agus fuaim - air thighinn às turas san fhàsach ann an Libia agus iar-thuath Naimibia – a dh’fhosglas air Disathairne 19 Màrt le cèilidh teaghlaich aig An Lanntair – thig ann, tha fàilte ga cur air a h-uile duine. Agus, ann am pròiseact ùr inntinneach ann an co-bhuinn ri Tasglann agus Museum nan Eilean aig Caisteal Steòrnabhaigh, tha an neach-ealain Stephen-Moireasdan a’ cur air bhog a ciad taisbeanaidh le cuspairean bhon là an-diugh ann an gailearaidh nan taisbeanaidhean sònraichte le ‘Grammar of Wavelength’. Tha tòrr, mòr a bharrachd ann cuideachd, le ceòl bho RANT, Martin Simpson, Kieran Goss agus an còmhlan mìorbhaileach Altan, cho math ri sreath de bhùithtean-obrach is chothroman dha clann is inbhich – bho an ‘ ‘International Space Programme’ dha clann ro-sgoil, gu Art Lab Steòrnabhaigh dha clann aois 12 gu 15. Bidh bùth-obrach air ceòl ann aig Teampall Eòropaidh mar phàirt de thaisbeanadh ‘Re-Soundings’ aig Màiri Killen agus Ùisdean Watt, a thèid a chur air bhonn aig Prìomh Ghailearaidh An Lanntair air 12 Cèitean le fuaim, film agus ìomhaighean uile stèidhte air a’ chlag. Gu leòr ri fhaicinn is ri dhèanamh airson an teaghlaich gu lèir, na dìochuimhnich mu phrògram an taigh’-dhealbh cuideachd! Elly Fletcher, Ceannard


EXHIBITIONS

TAISBEANAIDHEAN

Made:Unmade Julie Brook 19 Mar – 1 May 2016

Made: Unmade Julie Brook 19 Màrt - 1 Cèitean 2016

Short-listed for the Daiwa Foundation Art Prize 2015, this remarkable artist and film-maker has, over 25 years, spent prolonged spells living and creating art in remote terrains, from Jura and Mingulay to the Namibian and Libyan deserts. Drawn to elemental, raw, wild places, she has honed a distinctive form of sculpture she describes as ‘realigning’ elements of the land: ‘I don’t want to introduce new objects, but to re-order what’s already there; I’m interested in the relationship between what I make and what I don’t make.’ Her films are conceived as part of the process rather than as documentary records and they create a ‘three-dimensional immersive experience’ while introducing an element of permanence to works that will slowly erode back into the ground.

Air a’ gheàrr-liosta airson Duais Ealain an Daiwa Foundation 2015, tha an neachealain/film sònraichte seo air còrr is 25 bliadhna a chur seachad a’ fuireach ann agus a’ cruthachadh ealain ann an àrainneachdan iomallach, bho Dhiùra is Mhiùghalaigh gu fàsaichean Naimibia agus Libia. Tha i air a tarraing gu àitean fiadhaich, fàsail, cumhachdach, agus às na h-àrainneachdan seo tha ealain iongantach ga cruthachadh; ealain a tha a’ cur cumadh ùr air na tha anns an tìr: “I don’t want to introduce new objects, but to re-order what’s already there; I’m interested in the relationship between what I make and what I don’t make.” Tha na filmichean aice nam pàirt de phròiseas seach filmichean slàna aithriseach agus tha iad a’ cruthachadh seòrsa de ‘three-dimensional immersive experience’ le eileamaid mhaireannach nan lùib a tha crìonadh rè ùine.

The opening for this show will be an openday, including a family cèilidh also celebrating the end of Mòd nan Eilean Siar which takes place earlier in the week.

Tha an taisbeanadh a’ tòiseachadh le là fosgailte le cèilidh teaghlaich le seinn bho dhaoine a tha a’ gabhail pàirt ann am Mòd nan Eilean; a tha a’ tachairt an aon sheachdain.

Education and Outreach Julie Brook would love to show her exhibition to your class and tell them about her unique journeys. She will work with the children to make drawings that they can be proud of in an outdoor workshop. For more information contact moira@lanntair.com

See website for details lanntair.com

Foghlam Chòrdadh e gu mòr ri Brook an taisbeanadh a shealltainn don chlas agus innse mu a tursan àraidh. Bheir i an uair sin brosnachadh do chlann dealbhan a dhèanamh às am bi iad fìor mhoiteil. Feuch is cuir fios gu Máire Dhòmhnallach moira@lanntair.com

3


EXHIBITIONS Grammar of Wavelength Stephen | Morrison 2nd May - June 2016

Grammar of Wavelength Stephen | Morrison 2 Cèitean - Ògmhìos 2016

A collaborative exhibition by Museum nan Eilean and An Lanntair Venue: Museum nan Eilean at Lews Castle

Taisbeanadh ann an co-bhuinn le Museum nan Eilean agus An Lanntair Àite: Museum nan Eilean, Caisteal Steòrnabhaigh

A collaboration of a writer, poet, storyteller and a visual artist. Making work in response to journeying by sea from their home port of Stornoway, in counterpoint with their responses to overland and coastal travel in other continents. Both aspects make links to the permanent collection in the opening display at Museum nan Eilean. The works will include framed artists’ prints, artists’ books, video installation, ready made objects, sculpted objects, earth pigment paintings and works on paper. The main body of work is based on offshore voyages to Scotland’s outlying islands. These include The Shiants, St Kilda, Sula Sgeir, Sule Skerry, Shetland and Fair Isle. This is offset by representing the artists’ responses to travels in contrasting territories.

4

TAISBEANAIDHEAN

Obair stèidhte air slighe mara bho dhachaigh an Steòrnabhagh an ann co-theagasg siubhal thar tìre agus siubhal far a’ chosta ann an dùthchannan cèine. Tha an dà chuid seo a’ ceangal ri taisbeanadh maireannach ann am Museum nan Eilean. Anns an taisbeanadh bidh priontaichean agus leabhraichean bhon neach-ealain, bhideo, ìomhaighean air an dèanamh, ìomhaighean air an snaigheadh, dealbhan ‘earth pigment’ agus pìosan air pàipear. Tha a’ chuid as motha dhen obair stèidhte air slighean a-mach gu eileanan fad às, eileanan leithid na h-Eileanan Seunta, Hiort, Sula Sgeir, Sgeire, Sealtainn agus Eilean nan Caorach. An taca ri seo bidh pìosan stèidhte air siubhal an neach-ealain tro àrainneachdan eadar-dhealaichte.

See website for details lanntair.com


EXHIBITIONS

TAISBEANAIDHEAN

Re-Soundings Mhairi Killin and Hugh Watt 12 May – 26 June

Re-Soundings Màiri Killen agus Ùisdean Watt 12 Cèitean – 26 Ògmhios

Newly elected to the Royal Scottish Academy, Mhairi Killin and Hugh Watt will present specially commissioned works of sound, film and sculpture that explore the role and symbolism of the bell in the landscapes of Lewis and Iona. It is set against the wider context of the protestant reformation in Europe and its impact on belief structures in the Hebrides. The exhibition will include bells cast from decommissioned weapons and video installation, along with supporting studies in gallery and site-specific environments.

Le dreuchd ùr ann an Acadamaigh Rìoghail na h-Alba, tha Màiri Killin, le Ùisdean Watt, a’ taisbeanadh obair-ealain le fuaim, film agus ìomhaighean a tha a’ coimhead ri àite agus buaidh a’ chluig ann an àrainneachd Leòdhais agus Eilean Ì. Tha an taisbeanadh ga dhèanamh ann an co-theagasg an athleasachaidh Phròstanaich san Roinn Eòrpa agus a bhuaidh air creideamh sna h-Eileanan. Anns an taisbeanadh tha clagan a rinneadh le innealan-cogaidh, bhideo maille ri fiosrachadh air àrainneachdan a’ ghailearaidh agus làraichean sònraichte.

Sound Workshop and Performance Ness Heritage Centre and St. Moluag’s Chapel, Sat 19th March, FREE

Bùth-obrach Ciùil agus Ealain Comunn Eachdraidh Nis agus Teampull Eòropaidh Dis 19 Màrt, AN-ASGAIDH

Join musician John Purser and artists Mhairi Killin and Hugh Watt to learn about early Christian hand bells, and create a sound piece on reproduction bells created from WW1 brass shells.

Thig còmhla ris an luchd-chiùil John Purser and Màiri Killin airson ionnsachadh mu sheann chlagan-làimhe Chrìostail, le pìos ciùil ga chluich air clagan-làimhe air an dèanamh le sligean-airm bhon Chiad Chogadh.

See website for details lanntair.com

5


MUSIC & LIVE EVENTS

CEÒL & TACHARTASAN

Hallaig - A play by Iain Finlay Macleod Sat 5 March, 8.00pm, £10/£9/£8

Hallaig – Dealbh-cluich le Iain Fionnlagh MacLeòid Dis 5 Màrt, 8.00f, £10/£9/£8

A young man, Sorley, drives north to Raasay to try to stop the woman he loves marrying another man. But as Sorley nears Raasay, the memories of his upbringing in Hallaig Wood return: memories he has suppressed since he ran away from the island at fourteen, never to return. ‘Hallaig’ is based on two poems written by Sorley Maclean - ‘Hallaig’ and ‘An Roghainn’. It is a story about unrequited love and how the small choices we make in life can affect us. It is about loss - of time, life, love and language. Performed in Gaelic. Ivan Drever Thurs 10 March, 8.00pm, £10/£9/£8 Ivan Drever hails from Orkney in Scotland, and has recorded a host of albums both solo and with other performers. Ivan’s latest album is “Revisited (the Wolfstone songs)” which was recorded in Edinburgh in Spring 2015 and features re-workings of material from his career with Celtic rock band Wolfstone.

6

Tha fear òg, Somhairle, a’ siubhal gu tuath a Ratharsaidh a chur stad air cuspair a ghaoil is i a’ pòsadh fear eile. Ach le Somhairle a’ teannadh air Ratharsaidh, tha e a’ cuimhneachadh àrach ann an Coille Hallaig, rud air an robh e air mùchadh a dhèanamh bhon a dh’fhàg e an t-eilean aig aois 14. Tha ‘Hallaig’ stèidhte air dà dhàn a sgrìobhadh le Somhairle MacIllEathain - ‘Hallaig’ agus ‘An Roghainn’. Tha e na sgeulachd air gaol aon-taobhach agus mar a tha roghainnean beaga a’ toirt buaidh mhòr oirnn. ’S ann mu dheidhinn tìm, gaol agus cànan a tha an dealbh-cluich seo. Ivan Drever Dia 10 Màrt, 8.00f, £10/£9/£8 ’S ann à Arcaibh a tha Ivan Drever bho thus, fear-ciùil a tha air sreath de chlàran a chur a-mach leis fhèin agus còmhla ri luchd-ciùil eile. Chaidh an clàr ùr aig Ivan ‘Revisited (the Wolfstone songs)’ a chlàradh ann an Dùn Èideann as t-earrach 2015 le tionndaidhean ùra air obair bho bheatha sa chòmhlan Wolfstone.

See website for details lanntair.com


MUSIC & LIVE EVENTS

CEÒL & TACHARTASAN

Shrapnel 1-2 April, 8.00pm £12/£10

Shrapnel 1-2 Giblean, 8f, £12/£10

Adapted from Norman Campbell’s (Tormod a Bhocsair’s) seminal Gaelic novel with anarchic humour, animation, subtitles and live music, Shrapnel is for Gaelic and nonGaelic speakers alike. Set in the darkest depths of Leith, Shrapnel follows a man on the run for a crime he did not commit, as he meets an array of extraordinary misfits, with the psychopathic former detective, Walter Shrapnel never far behind. Over 14s only. 1hour 20 min

Stèidhte air air an nobhail aig Tormod Caimbeul le àbhachdas gun chiall, cartùnaichean, fo-thiotalan agus ceòl beò. Stèidhte ann am meadhan Lìte, tha Shrapnel a’ leantainn fear a tha a’ ruith bhon chuibhle airson eucoir a rinneadh le cuideigin eile. Tha e a’ coinneachadh measgachadh dhaoine àraidh, eadar-dhealaichte, le Walter Shrapnel, fear a bha uaireigin na dhetective sa phoileas air a chùlaibh. Dha daoine nas sine na 14

Adapting for the Stage Thurs 31 March, 4.00 – 6.00pm, FREE Join the writer of the play Shrapnel, Catriona Lexy Campbell, for a free workshop in adapting for the stage. Suitable for writers and performers of all skill levels, the workshop is a chance to try your hand at creating new theatre. Night of the Seven Storms Thurs 31March, 7.30pm, £7/£5 Join us for an informal evening of rehearsed readings, songs and music celebrating the work of Lewis writers across the generations. Hosted by Agnes Rennie with special guest, Marisa Macdonald, and featuring the cast of Shrapnel. Gaelic Drama Workshops for Schools 29 – 31 March A week-long programme of workshops and events celebrating the life and work of Norman Campbell.. Drama workshops are available for Primary and Secondary pupils with Beth Frieden, Education and Outreach Drama Facilitator with Theatre Gu Leòr. workshops delivered in Gaelic. See website for details lanntair.com

A’ sgrìobhadh airson an àrd-ùrlair Dia 31 Màrt, 4 – 6f, AN-ASGAIDH Bùth-obrach an-asgaidh le sgrìobhadair an deilbh-chluich Shrapnel, Catriona Lexy Chaimbeul, sgrìobhadh airson an àrdùrlair. Freagarrach dha sgrìobhadairean is cleasaichean aig gach ìre de chomas, bidh a’ bhùth-obrach seo na cothrom air leth air dràma ùr a chruthachadh. Oidhche nan Seachd Sian oidhche Dia 31 Màrt, 7.30f, £7/£5 Thig còmhla rinn airson oidhche de cheòl, leughadh agus òrain is sinn a’ comharrachadh obair nan sgrìobhadairean Leòdhasach air feadh nan linntean. Bidh Agnes Rennie an làthair mar bhean an taighe le Marisa Dhòmhnallach agus cleasaichean Shrapnel air aoigheachd. Bùithtean-Obrach Dràma 29 – 31 Màrt Prògram fad seachdaine de bhùithteanobrach agus thachartasan a’ comharrachadh beatha agus obair Thormoid a’ Bhocsair a’ tighinn gu ceann leis an dealbh-chluich Shrapnel ga shealltainn airson na ciad uaireach a-riamh.


MUSIC & LIVE EVENTS

CEÒL & TACHARTASAN

RANT Sat 9 April, 8.00pm. £12/£10

RANT Dis 9 Giblean, 8.00f, £12/£10

2016 sees the release of ‘Reverie’ the much anticipated second album from RANT, firmly established in their relatively short time together as a huge musical force and a strong, raw, yet vibrant sound on the British folk scene. Nominated in the BBC Radio 2 Folk Awards 2014, RANT is the meeting of 4 of Scotland’s finest fiddle players.

Tha an clàr ‘Reverie’, an darna clàr aig a’ chòmhlan RANT a’ tighinn a-mach ann an 2016. Ged is òg e, tha an còmhlan seo gu math aithnichte ann an saoghal folk Bhreatainn le stoidhle a tha làidir, beòthail agus dàna. Air ainmeachadh sa BBC Radio 2 Folk Awards 2014, ’s e th’ ann an RANT ach ceathrar de na ban-fhìdhlearan às fheàrr ann an Alba,

Kieran Goss Sat16 April, 8.00pm, £10/£9/£8 Kieran Goss was born and raised in County Down, Northern Ireland. He was just nine years old when he got his first guitar. Growing up in a big family with diverse musical tastes meant that early on he was hearing the music of Johnny Cash, Kris Kristofferson, Willie Nelson, Frank Sinatra and The Rolling Stones. These varied influences fermented into the brew that gives Kieran his own unique sound.

8

Kieran Goss Dis 16 Giblean, 8.00f, £10/£9/£8 Rugadh agus thogadh Kieran Goss an Contae an Dúin, Èirinn a Tuath. Cha robh e ach naoi bliadhn’ a dh’aois nuair a fhuair e a chiad ghiotàr. Bha ùidh mhòr aig a theaghlach ann an ceòl bho Johnny Cash, Kris Kristofferson, Willie Nelson, Frank Sinatra agus na Rolling Stones, is am buaidh uile ri chluinntinn ann an ceòl àraidh Kieran.

See website for details lanntair.com


MUSIC & LIVE EVENTS

CEÒL & TACHARTASAN Applied Music Showcase Concert: Dia 21 Giblean, 7.30f, £10/£9/£8

Applied Music Showcase Concert: Thurs 21 April, 7.30pm, £10/£9/£8 Lews Castle College UHI is proud to present a concert to celebrate the first four years of the innovative BA (Hons) Applied Music degree. Directed by Programme Leader Anna-Wendy Stevenson, this concert will feature some of the finest new talent from a cohort of over 100 students based throughout Scotland, and showcase a range of traditional, and contemporary music inspired by the communities and cultural landscape within which students live and work. Martin Simpson Tue 3 May, 8.00pm, £12

Tha Colaiste a’ Chaisteil moiteil a bhith a’ cur air dòigh consairt a’ comharrachadh na ceathramh bliadhna den cheum innleachdach BA (Urr) Ceòl Gnìomhaichte (‘Applied Music’). Fo stiùir ceannard a’ phrògraim, Anna-Wendy Stevenson, tha an consairt seo a’ cur cuid dhe na h-oileanaich as tàlantaich ann an Alba air an àrd-ùrlar air an aon oidhche; le measgachadh de cheòl traidiseanta agus ùr-nodha a thàinig gu bith às na coimhearsnachdan agus an àrainneachd sa bheil na h-oileanaich ag ionnsachadh. Màrtainn Simpson Dim 3 Cèitean, 8.00f, £12 Air a chur air adhart ’son Neach-ciùil na Bliadhna agus ’son Clàr as Fheàrr BBC Radio 2 Folk Awards 2014. Chan eil teagamh sam bith ann gu bheil Màrtainn, às dèidh dha a bhith 35 bliadhna an-sàs ann an ceòl, nas fheàrr na bha e a-riamh. Aithnichte mar fhear dhe na cluicheadairean giotàir slide is acoustic as fheàrr san t-saoghal, tha a dhòigh air cluich òrain traidiseanta mar seanchaidh ag aithris seann sgeul. A’ cluich leis fhèin air an àrd-ùrlar, tha e, ‘eclectic, spellbinding and deeply moving’.

Nominated for Musician of the Year and for Best Album with ‘Vagrant Stanzas’ BBC Radio 2 Folk Awards 2014. There is no doubt that after 35 years as a professional musician Martin is, right now, better than ever. Widely acknowledged as one of the finest acoustic and slide guitar players in the world, his interpretations of traditional songs are masterpieces of storytelling. His solo shows are ‘intense, eclectic, spellbinding and deeply moving.’

See website for details lanntair.com

9


MUSIC & LIVE EVENTS

CEÒL & TACHARTASAN Altan Dis 7 Cèitean, 8.00f, £15

Altan Sat 7 May, 8.00pm, £15 No one in the iTunes World Music Chart and No5 on the US Billboard World Music Charts for 6 weeks in a row Altan are back better than ever. Altan have always approached their music and arrangements with integrity and openness and have strived to share their culture with new expanding audiences worldwide. On this new recording, “The Widening Gyre”, their spiral of music expands, envelops and includes friends and music that they have met on the road over their 30 years. New Room Theatre – Blackout Thurs 12 May, 8.00pm, £10/£9/£8 Meet the woman who finds herself urinating off the top of the Scott Monument in Edinburgh. The man who nearly burns down a stranger’s kitchen. The mother who almost beats her son to death in a drunken rage. Blackout is the true story of real alcoholics, and the story of their recovery. At once hard-hitting, brutal, funny, touching and honest: Blackout is based entirely on interviews conducted with recovering alcoholics.

Aig àireamh a h-aon sna charts aig iTunes airson ceòl an t-saoghail agus aig àireamh a còig air na US Billboard World Music Charts fad sia seachdainean, tha Altan air ais. Tha Altan aithnichte mar chòmhlan a tha a’ cluich ceòl ann an dòigh fhosgailte agus iomchaidh is iad ag amas air luchd-èisteachd ùr ge brith cà’ bheil iad san t-saoghal. Air a’ chlàr ùr aca, ‘The Widening Gyre’, tha an ceòl a’ leudachadh agus a’ gabhail a-steach chàirdean agus ceòl ùr a lorg iad thar 30 bliadhna de thursan. New Room Theatre – Blackout Dia 12 Cèitean, 8.00f, £10/£9/£8 Coinnich ri boireannach is i ri dileag air mullach carragh-cuimhne Scott ann an Dùn Èideann, ri fear a theab cidsin sràinseir a losgadh gu làr, ri màthair a theab a mac a mharbhadh le ionnsaigh is às a ciall air a’ mhisg. Tha Blackout na stòiridh fìrinneach air daoine a tha le tinneas na dibhe agus mar a thig iad bhuaithe. Sgeulachd làidir, throm, èibhinn, brònach agus fìrinneach, tha e stèidhte air agallamhan a rinneadh le daoine a’ faighinn seachad air beatha fo bhuaidh na dibhe. Le taic bho Alba Chruthachail

Supported by Creative Scotland

10

See website for details lanntair.com


EDUCATION

FOGHLAM

Space 7 - 9 March, various times, FREE

Na Speuran Dil 7 - Diciadain 9 Màrt, AN-ASGAIDH

Welcome to An Lanntair’s International Space Programme! This exciting preschool event will provide stories, making, movement and music activities for children age 3 – 5 years. One hour sessions are available in English or Gaelic to Nurseries and croileagan groups, and to children accompanied by a parent or child minders. Book on 01851 708493 or moira@lanntair. com

Fàilte do phrògram fànais eadar-nàiseanta An Lanntair! Tachartas beòthail dha clann ro aois na sgoile le sgeulachdan, cruthachadh, gluasad agus tachartasan ciùil dha clann aois trì gu còig bliadhn’ a dh’aois. Seiseanan de dh’uair a thìde ri fhaighinn ann an Gàidhlig no Beurla dha buidhnean sgoil-àraich no Cròileagan agus dha clann air an toirt ann le pàrant no neach-cùraim. Ceannaich àite air 01851 708493 no moira@lanntair.com

Weekly activities for children and young people

Tachartasan seachdaineil dha clann is daoine òga

Children in primary school can enjoy exciting visual art projects including painting, modelling, designing, printing, drawing, and inventing at Saturday Art Club. Saturdays in term time. Visit www.lanntair.com for details.

Gheibh clann bun-sgoile cothrom air pròiseactan togarrach ealain leithid peantadh, modaileadh, dealbhadh, priontadh, dèanamh dhealbhan agus cruthachadh às ùr aig Club Ealain Disathuirne. Disathuirne rè teirm na sgoile.

Saturday Drama Club will help children and young people to develop skills in improvisation and performance. Saturdays in term time. Visit www.lanntair.com for details. Film Club is a chance for young people aged 14+ to watch and talk about films. 7pm, Wednesdays in term time Art Labs in Lionel, Bragar, Uig and Tarbert are inspiring studio spaces which young people can use to make their own artwork. Friday or Saturday.Visit www.lanntair. com for details. Please contact Joe Mahony Joe@lanntair. com or Moira Macdonald moira@lanntair. com 01851 708493 to book or for more information.

See website for details lanntair.com

Tha Club Dràma Disathuirne Drama a’ toirt cothrom dha chlann is daoine òga leasachadh a dhèanamh air an cuid sgilean a thaobh improvisation agus performance. Disathuirne rè teirm na sgoile. Theirig gu www.lanntair.com ‘son barrachd fiosrachaidh Tha an Club Film na chothrom do dhaoine òga aois 14+ a choimhead is a bhruidhinn mu dheidhinn filmichean. Diciadain rè teirm na sgoile Art Labs ann an Lìonal, Bradhagair agus air an Tairbeart le rùm brosnachail ann an stiùidio far as urrainn do dhaoine ealain a chruthachadh. Dihaoine no Disathairne Theirig gu www.lanntair.com ‘son barrachd fiosrachaidh

11


EDUCATION

FOGHLAM

Stornoway Art Lab Fridays,Term Time, 1.30 - 3.30pm

Art Lab Steòrnabhaigh Dih, 1.30f - 3.30f

An exciting new opportunity for S1 – S3 students has started at An Lanntair. Young people will have the opportunity to explore their creativity using a wide range of art techniques including; painting, sculpture, animation and much more. If you are in S1 to S3 and are interested please contact Joe Mahony on 708493 or joe@lanntair to book a place.

Cothroman ùra inntinneach dha sgoilearan S1 – S3 gach feasgar Dihaoine air tòiseachadh aig An Lanntair. Bidh cothrom aig daoine òga ealain a chruthachadh tro pheantadh, snàigheadh, cartùnaichean is mòran a bharrachd. Ma tha thu ann an S1 gu S3 agus ma tha ùidh agad ann, cuir fios gu Joe Mahony air 708493 no joe@lanntair airson àite a ghlèidheil. 1.30f - 3.30f

Twilling Tweeds Talk Thurs17 March, 7.00pm, £5 Join Edinburgh-based fashion designer, Adil Iqbal to learn about Twilling Tweeds, a pioneering project connecting the Harris Tweed weavers of the Outer Hebrides with the female embroiderers of the Chitral Valley in Pakistan. A Patchwork History Exhibition by Grianan Centre Users Mon 15 Feb - March, Mezzanine Gallery Users at the Grianan Centre have spent over a year creating large vibrant panels depicting unusual elements from the Western Isles history and folklore These beautiful two metre high panels have been created in découpage style from thousands of magazines.

12

Òraid air Figheadh a’ Chlòtha Mhòir Dia 17 Màrt, 7f, £5 Òraid bhon dealbhaiche-fasain Adil Iqbal, a tha a’ fuireach ann an Dùn Èideann, air iomairt adhartach a’ ceangal fhigheadairean nan Eilean Siar ri ban-fhigheadairean ann an Chitral ann am Pagastan. Eachdraidh air a fuaigheal Dil 15 Gearran - Márt Ghailearaidh Mezzanine Tha muinntir Ghrianan air a bhith còrr is bliadhna ag obair air pannalan mòra dathach a’ coimhead ri dà rud àraidh bho eachdraidh nan Eilean agus lagha an t-sluaigh. Tha na pannalan àlainn (le dà mheatair de dh’àirde annta) air an dèanamh ann an stoidhle decoupage bho mhìltean de dh’irisean.

See website for details lanntair.com


EDUCATION

FOGHLAM

National Theatre Of Scotland A Stage Writers’ Workshop Sat 5 March, various times

Theatar Nàiseanta na h-Alba – Turas nan Sgrìobhaidearan Ùra Dis 5 Màrt, amannan eadardhealaichte

Led by playwright, Iain Finlay Macleod, and the National Theatre of Scotland’s Literary Manager, George Aza-Selinger. This workshop will be a chance for you to hear more about opportunities for writers at the National Theatre of Scotland, and give some inspiration and advice on how to start (or finish) your play.Visit at www. nationaltheatrescotland.com to find out more information about submitting a play.

Leis an sgrìobhaiche Iain Fionnlagh MacLeòid agus Manaidsear Litreachail Theatar Nàiseanta na h-Alba, George Aza-Selinger.

Citizens Theatre Drama Workshops 25 - 26th May, various times

Gheibhear, tron bhùth-obrach seo, naidheachdan mu chothroman ùra dha sgrìobhadairean tro Theatar Nàiseanta na h-Alba, le brosnachadh ga thoirt do dhaoine is iad ag amas air dealbh-cluich ùr a thòiseachadh no a thoirt gu ceann. Feuch is theirig gu duilleag CREATE aig www.nationaltheatrescotland.com airson barrachd fiosrachaidh.

This workshop for upper primary pupils will introduce new aspects of your current class topic through fun and relevant drama games and theatrical techniques.

Bùithtean-Obrach Dràma leis an Citizens Theatre 25mh - 26mh Cèitean, amannan eadar-dhealaichte

CPD: Learning through doing. 24 -25 May, various times

’S ann dha na sgoilearan bun-sgoile às sine a tha na bùithtean-obrach seo le cothrom ann air ionnsachadh mu chuspair do chlas tro gheàmaichean dràma agus dòighean theatar a tha spòrsail ach iomchaidh.

Drama & Education workers from the Citizen’s Theatre, Glasgow will deliver this popular CPD session for primary teachers with a host of new conventions for Active Learning across the curriculum. Come along with a topic specific to your class and learn drama techniques to help you teach it more effectively!

CPD: Ag ionnsachadh tro dhèanamh 24mh - 25mh Cèitean, amannan eadardhealaichte Foghlam dràma le luchd-obrach an Citizen’s Theatre, Glaschu; le seisean CPD dha tidsearan bun-sgoile agus sreath de dhòighean ùra teagaisg tro ionnsachadh gnìomhach air feadh a’ churaicealaim. Thig ann le cuspair sònraichte a bhuineas dod chlas agus gheibh thu ionnsachadh air dòighean-teagaisg dràma, a’ toirt leasachadh air do sgilean teagaisg.

13


SHOP

BÙTH

New in! An Lanntair Sketch Books from only £5.95. 140 gsm all-media cartridge paper, bound in a black cloth cover featuring An Lanntair’s iconic lantern logo. We also stock a selection of art supplies including pencil sets, charcoal and brushes. Attenders to any of our workshops receive 15% off our sketch books! Spoil your Mum this Mother’s Day with a specially-selected gift from An Lanntair. We have so many beautiful, locally made products to choose from: Annie Maynard’s Ceramics, Ishga Skincare and Edna Macleod’s Harris Tweed bags and accessories all make lovely gifts.

Air thighinn a-steach bho chionn goirid! Leabhraichean sgeidse An Lanntair bho dhìreach £5.95. 140 gsm all-media cartridge paper, air a chòmhdachadh ann an clò dubh le suaicheantas An Lanntair air. Freagarrach airson sgrìobhadh notaichean no dealbhan nuair a thig smuain a-steach ort. Tha cuideachd stuthan ealain againn leithid peansailean ealain, bruiseachan agus gualfhiodha.

To complete your gift we stock a selection of gift bags, wrapping paper, ribbons and cards. Our favourite is the Rifle Press wrap in Blushing Rosa. Anyone receiving a gift wrapped in this beautiful paper will know just how special they are. Mill do mhàthair air Là na Màthar am bliadhna le preusant sònraichte bhon Just can’t make up your mind? Let Mum Lanntair. choose for herself with one of our Gift Cha bheag na th’ againn de thiodhlacan sa Vouchers. They can be used in our Shop, bhùth, nithean air an dèanamh san Eilean, bho Box Office or Café Bar. Annie Maynard’s Ceramics, Ishga Skincare agus pocannan air an dèanamh le Clò Mòr na Hearadh aig Edna NicLeòid. Tha cuideachd pocannan breagha airson am preusant a thoirt seachad, pàipear còmhdachaidh, ribeanan agus cairtean. ’S am pàipear as fheàrr leinne ach an Rifle Press wrap ann am Blushing Rosa – duine sam bith a gheibh preusant sa phàipear seo, bidh fios aca gur e creutair sònraichte a th’ annta. Carson nach fhaigh thu voucher agus faodaidh do mhàthair fhèin taghadh a dhèanamh. Gheibh i air a chosg sa bhùth, air tiocaidean no sa chafaidh bàr. 14

See website for details lanntair.com


CAFé BAR The Café Bar has introduced new small plates & big plates to its ALL DAY food menu. We also boast daily specials to tingle your taste buds and give you more choice. Small plates starting from only £4.95

CAFAIDH BÀR Tha an Cafaidh Bàr air truinnsearan mòra agus beaga a thoirt a-steach dhan chlàr-bhìdh a tha a-nise a’ ruith fad an là.Tha cuideachd biadh spèisealta againn gach là, biadh blasta, tarraingeach dha-rìribh. Truinnsearan beaga bho £4.95

Big plates starting from only £10.50. Truinnsearan mòra bho £10.50 Enjoy a bowl of our tasty soup for only £2.00.

Bobhla blasta brota airson £2.00

Two courses for as little as £12.50

Dà chùrsa bho £12.50

Our mini-adults have a separate menu, “menu bheag”, offering breakfast, lunch, dinner and a dessert option.

Tha menu bheag ann airson daoine nas òige le taghadh eadar bracaist, diathad, dìnnear agus rudan milis.

Remember we also have our drawing wall to keep your budding artists busy while you enjoy your meal.

Cuimhnich gu bheil balla-dhealbhan againn airson dealbhadairean òga fhad ‘s a tha an fheadhainn mhòra a’ gabhail biadh

Breakfast at An Lanntair Morning hunger pains? Enjoy a selection of filled rolls, homemade warm scone, eggs benedict or a full breakfast catering for both vegetarians and carnivores.

Bracaist aig An Lanntair Acras mòr na maidne ort? Thig a-steach a fhaighinn rolaichean, sgonaichean blàtha, eggs benedict no bracaist mhòr le feòil, air neo às a h-aonais. .

15


AT A GLANCE March

SÙIL AITHGHEARR

Event Time

Tue 1 Traditional Music Session Fri 4 S1-S3 Stornoway Art Lab Sat 5 Hallaig – A play by Iain Finlay Macleod NTS: A Stage Writer workshop Mon 7 Space: Pre-School Event (English) Tue 8 Space: Pre-School Event (Gaelic) Thu 10 Ivan Drever Fri 11 S1-S3 Stornoway Art Lab Mon 14 Mòd nan Eilean Siar - All Week Chitral Mantle-Piece Cloth Workshop Tue 15 Embroidered Personal Storytelling Workshop Wed 16 Beaded and mixed media poetry Workshop Thu 17 Twilling Tweeds: Artist Talk with Adil Iqbal Fri 18 S1-S3 Stornoway Art Lab Sat 19 Exhibition Opening: Made Unmade Fri 25 S1-S3 Stornoway Art Lab Thu 31 Workshop: Adapting for the Stage Night of the Seven Storms

8.30pm 1.30pm 8.00pm

3.15pm 3.15pm 8.00pm 1.30pm 10.00am 10.00am 10.00am 7.00pm 1.30pm 5.30pm 1.30pm 4.00pm 7.30pm

April Event Time Fri 1 S1-S3 Stornoway Art Lab 1.30pm Shrapnel 8.00pm Sat 2 Shrapnel 8.00pm Fri 8 S1-S3 Stornoway Art Lab 1.30pm Sat 9 RANT 8.00pm Fri 15 S1-S3 Stornoway Art Lab 1.30pm Sat 16 Kieran Goss 8.00pm Thu 21 Applied Music Showcase Concert 7.30pm Fri 22 S1-S3 Stornoway Art Lab 1.30pm Fri 29 S1-S3 Stornoway Art Lab 1.30pm May Event Time Tue 3 Martin Simpson 8.00pm Fri 6 S1-S3 Stornoway Art Lab 1.30pm Sat 7 Altan 8.00pm Thu 12 Blackout 8.00pm Exhibition Opening: Re-Soundings - Mhairi Killen & Hugh Watt 5.30pm Fri 13 S1-S3 Stornoway Art Lab 1.30pm Willie Campbell & Friends 8.00pm Fri 20 S1-S3 Stornoway Art Lab 1.30pm Tue 24 CPD: Learning Through Doing Wed 25 Citizens Theatre Drama workshop Thu 26 Citizens Theatre Drama workshop Fri 27 S1-S3 Stornoway Art Lab 1.30pm Book your tickets at www.lanntair.com or call 01851708480 See website for details lanntair.com


Issuu converts static files into: digital portfolios, online yearbooks, online catalogs, digital photo albums and more. Sign up and create your flipbook.